2.Curator Bethany Simpson with a bust Antoninus Pius. On loan from The Trustees of the British Museum.  Photo © Stewart Attwood

Alba Ròmanach: Beatha aig Oir na h-Ìmpireachd

14 Samhain 2026 – 18 Giblean 2027

Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba,

Sràid Chambers, Dùn Èideann, EH1 1JF

nms.ac.uk/RomanScotland

Tha taisbeanadh mòr a’ fosgladh air an deireadh-sheachdain seo aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a tha a’ cur solas ùr air smachd nan Ròmanach ann an Alba. Tha e a’ sealltainn mar a bha bathar a’ ruighinn na sgìre-chrìche chudromaich seo bho air feadh na h-Ìmpireachd, agus a’ sgrùdadh na buaidh a bh’ aig na Ròmanaich air muinntir an àite. 

 

Ìomhaighean do na meadhanan rim faighinn an seo.

 

Le bhith a’ toirt còmhla rannsachadh ùr, iasadan de nithean cudromach bho air feadh na Roinn Eòrpa, agus lorgan arc-eòlach à Alba nach fhacas a-riamh roimhe, tha Alba Ròmanach: Beatha aig Oir na h-Ìmpireachd ag innse sgeulachdan ùra mu smachd nan Ròmanach ann an Alba agus ag ath-mhìneachadh ar tuigse air na ceanglaichean a bh’ aig Alba ri saoghal nan Ròmanach.  

 

Tha an taisbeanadh stèidhichte air nithean a chaidh a lorg aig làrach dùn Ròmanach bhon dàrna linn AD ann an Inbhir Easg, Lodainn an Ear, agus tha e a’ nochdadh fìor bhrìgh an ionaid seo. Chaidh Balla Antoninus a thogail thairis air a’ phàirt as cumhainge de dh’Alba, le dùin a bharrachd air feadh nan oirthirean an ear agus an iar. B’ e Inbhir Easg fear dhiubh sin, agus dh’fhàs e gu bhith na phrìomh ionad le sluagh mòr.  

 

Tha cladhach arc-eòlach o chionn ghoirid air ar tuigse air an làraich atharrachadh gu mòr, a’ soilleireachadh cho cudromach ’s a tha i ann an eachdraidh nan Ròmanach ann an Alba. Bha am Mithraeum (teampall don dia Mithras) as fhaide tuath san t-saoghal suidhichte aig an dùn seo agus, agus tha dà altair iongantach bhon teampall sin a’ gabhail prìomh àite san taisbeanadh. Às dèidh obair-ghlèidhteachais, tha iad a’ nochdadh air beulaibh a’ phobaill airson a’ chiad uair.

 

Bha baile trang air fàs timcheall air an ionad airm aig Inbhir Easg agus tha a’ choimhearsnachd bheòthail seo de shaighdearan agus an teaghlaichean, luchd-malairt, luchd-ciùird agus daoine a bha air an cumail ann an tràilleachd, air a toirt beò san taisbeanadh.  Bha aig muinntir nan sgìrean a bha fo smachd mun cuairt ri dèiligeadh ris an luchd-ceannsachaidh agus gheibh sinn sealladh soilleir air na dàimhean a bh’ aig luchd an tuatha ri muinntir a’ bhaile, bho chòmhstri fhuilteach gu aontaidhean dioplòmasach.

 

Thuirt an t-Oll. Friseal Mac an t-Sealgair, Prìomh Neach-glèidhidh Ro-eachdraidh agus Arc-eòlas Ròmanach aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba:

“’S e an taisbeanadh beairteach seo a’ chiad fhear a nì sgrùdadh mionaideach air oidhirpean nan Ròmanach gus Alba a cheannsachadh. Bidh e a’ faighneachd carson a dh’fhàillig iad, dè a’ bhuaidh a bh’ aca air muinntir an àite, agus a’ coimhead air an dìleab a dh’fhàg iad nan dèidh. Tha na stuthan iongantach a chaidh a lorg aig Inbhir Easg a’ tilgeil solas ùr air àirde smachd nan Ròmanach ann an Alba. Tha iad a’ sealltainn mar a fhuair am baile-crìche agus an dùn cudromach seo solar bhon Ìmpireachd air fad, agus a’ toirt cothrom don luchd-tadhail coimhead seachad air saoghal nan saighdearan gus eòlas fhaighinn air beatha coimhearsnachd bheòthail is eadar-mheasgte aig oir na h-Ìmpireachd.”

 

Tha prògram thachartasan an cois Alba Ròmanach: Beatha aig Oir na h-Ìmpireachd aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a’ gabhail a-steach oidhche shònraichte ‘Museum Late’ agus còmhradh leis an eòlaiche-eachdraidh, ùghdar agus craoladair Greg Jenner, aoigh a’ phrògraim You're Dead To Me air BBC Rèidio 4. Tha leabhar den an aon ainm air fhoillseachadh cuideachd le Archeopress.

 

Tha an taisbeanadh air a dhèanamh comasach le taic bho Chearcall Luchd-taice an Taisbeanaidh air Alba Ròmanach.

 

Notes to editors

Mu Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba

Is e Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba aon de na prìomh thaighean-tasgaidh san Rìoghachd Aonaichte agus an Roinn Eòrpa agus bidh e a’ glèidheadh chruinneachaidhean a tha cudromach aig ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta. Bidh a’ bhuidheann a’ tabhann iasadan, compàirteachasan, rannsachadh agus trèanadh ann an Alba agus thall thairis. Is iad na taighean-tasgaidh fa leth againn, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Itealaich, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Beatha Dhùthchail, agus Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Cogadh. Bidh Ionad-cruinneachaidh nan Taighean-tasgaidh Nàiseanta a’ cumail goireasan glèidhidh agus rannsachaidh cho math ri cruinneachaidhean nach eil gan taisbeanadh.

Facebook: www.facebook.com/NationalMuseumsScotland

Instagram: @NationalMuseumsScotland

Bheireadh Oifis nam Meadhanan eadar-theangachadh Gàidhlig den bhrath-naidheachd seachad do bhuidhinn mheadhanan bharantaichte. Cuiribh fios do dh'Oifis nam Meadhanan airson bruidhinn air cinn-latha freagarrach.