Game On at the National Museum of Scotland © Andy Catlin-3

Bidh an taisbeanadh geama bhidio eadar-ghnìomhach as motha san t-saoghal a’ fosgladh ann an Dùn Èideann air an deireadh-sheachdain seo

Game On 

29 Ògmhios gu 3 Samhain 2024 
Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Sràid Chambers, Dùn Èideann 

Tha tiogaidean rim faighinn aig nms.ac.uk/GameOn 

 

Bidh an taisbeanadh eadar-ghnìomhach as motha san t-saoghal de chultar is eachdraidh geamannan bhidio a’ fosgladh aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba air an deireadh-sheachdain seo. Tha Game On a’ toirt còmhla còrr is 100 geama a ghabhas cluich bho còrr is 50 bliadhna. Chithear caractaran cliùiteach ann bho Space Invaders gu Mario agus tha e a' toirt àite sònraichte do na rinneadh ann an Alba, a tha air a bhith air thùs san t-saoghal ann an leasachadh geamannan bhidio.   

 

Tha Game On a’ sealltainn mar a tha Alba na dachaigh do chuid den luchd-leasachaidh geama as innleachdaich agus as buadhaiche, leithid Rockstar Games, a rinn na sreathan Grand Theft Auto agus Red Dead Redemption. Thèid nithean bho thasglann an luchd-leasachaidh a thaisbeanadh airson a’ chiad uair, a’ toirt a-steach stuth-reic cuibhrichte agus ‘Iuchar Bhaile na Saorsa’,  a bha air a buileachadh air cluicheadairean a chrìochnaich 100% de Grand Theft Auto IV taobh a-staigh seachdain bho thàinig an geama a-mach ann an 2008. Cha deach ach 500 a dhèanamh a-riamh. 

 

“Tha pàirt chudromach air a bhith aig Alba ann an leasachadh geamannan bhidio mar mheadhan,” thuirt Jennifer Kolbe, Ceannard Foillseachaidh aig Rockstar Games. “Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a’ cuideachadh Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba gus barrachd innse mu na tha an dùthaich a’ cur ris a’ phàirt shoirbheachail seo de chultar an latha an-diugh.” 

 

Tha an taisbeanadh a’ nochdadh sgeulachd geamadh Albannach, bho na freumhan aige ann an Dùn Dè anns na 1980an a' togail a’ choimpiutair ZX Spectrum gu tàlant ùr leithid Sad Owl Studios, leis a' gheama Viewfinder a choisinn an Gèam Breatannach as Fheàrr aig Duaisean Bafta nan Geamannan 2024. Chì luchd-tadhail cuideachd a’ phàirt chudromach a bh’ aig an stiùidio Albannach, stiùidio 4J ann a bhith a’ dèanamh Minecraft a chaidh na chùis iongnaidh air feadh an t-saoghail.   

  

Tha Game On air a chur ri chèile agus air chuairt le Barbican Immersive. Bidh an taisbeanadh a’ sgrùdadh an adhartais chruthachail is teicneòlach a tha air geamadh a stèidheachadh mar chruth ealain ùr. 
 

Thuirt Patrick Moran, Co-neach-glèidhidh Game On

 

“Chan eil teagamh sam bith nach eil buaidh shòisealta, chultarail agus teicneòlach air a bhith aig saoghal nan geamannan. Bidh geamannan a’ fighe ealain is teicneòlas ri chèile, agus tha geamadh a-nis air a dhaingneachadh ann an cultar an t-sluaigh. Tha Game On na chothrom a bhith a’ faicinn mean-fhàs geamannan bhidio agus mar a tha iad air atharrachadh thar ùine, ach tha e cuideachd a’ leigeil leat do bhogadh fhèin ann an saoghal nan geamannan le còrr is 100 geama a ghabhas cluich. Anns an taisbeanadh tha an cruinneachadh as motha de gheamannan a ghabhas cluich san t-saoghal, a’ toirt a-steach a' chiad arcadan, consolan làimhe, agus prìomh gheamannan, leithid Pac-Man, Super Mario, Tetris, Sonic the Hedgehog, Just Dance agus FIFA. Bidh an taisbeanadh cuideachd a’ coimhead air adhartasan ùra ann an saoghal nan geamannan. Air leth eadar-ghnìomhach, innleachdach agus fèillmhor, bidh Game On tarraingeach do chluicheadairean fìor-eòlach agus do luchd-tadhail a tha ùr do gheamannan. Ach, an rud as cudromaiche, tha an taisbeanadh freagarrach de chluicheadairean de gach aois." 

 

B’ e Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a’ chiad àite-stad aig an taisbeanadh ann an 2002, agus bhon uair sin tha còrr is 5 millean neach de gach aois air tadhal air Game On ann an 25 mòr-bhailtean air feadh an t-saoghail. 

 

Thuirt an Dr Geoff Belknap, Neach-glèidhidh Saidheans agus Teicneòlais aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba: 

 

“Tha e anabarrach math fàilte a chur air Game On air ais gu Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Mar chuideigin a tha os cionn cruinneachaidhean nàiseanta saidheans is teicneòlais na h-Alba, tha e sgoinneil a bhith a’ rannsachadh mar a tha an dùthaich air uiread a chur ri geamadh, san àm a dh’fhalbh agus san latha an-diugh. Tha e na thoileachas air leth dhomh geamaichean neo-eisimeileach Albannach a thoirt gu luchd-amais ùr, a’ gabhail a-steach The Longest Walk, pròiseact innleachdach a’ sgrùdadh cò ris a tha e coltach a bhith a’ fulang duilgheadasan slàinte inntinn agus Highland Song, turas àlainn tro chruth-tìre na h-Alba. Thathas air a bhith ag ùrachadh an taisbeanaidh aig gach àite-stad bho thràth sna 2000an agus mar sin tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ toirt sgeulachd geamannan bhidio suas chun an latha an-diugh ann an Alba, far a bheil an gnìomhachas cho beòthail.” 
 

Thuirt Chris van der Kuyl, Neach-cathrach 4J Studios: 

 

“Tha Alba a’ stiùireadh innleachdas ann an gnìomhachas nan geamannan. Tha taisbeanadh ùr Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Game On, na dheagh shealladh air an roinn innleachdaich seo agus an uiread a chuir e ri ar cultar. Tha sinn moiteil gu bheil soirbheachas 4J Studio air a thaisbeanadh còmhla ri cuid den luchd-leasachaidh as ùr-ghnàthaich ann an Alba, gus an ath ghinealach de luchd-cruthachaidh a bhrosnachadh agus dèanamh cinnteach gum fuirich Alba air thoiseach air àrd-ùrlar na cruinne.”  

 

Tha an taisbeanadh air a chur air dòigh ann an earrannan cuspaireil, a’ sgrùdadh cruthan bathar-cruaidh leithid innealan-làimhe gu consolan dachaigh gu innealan arcade, a thuilleadh air cuspairean cultarach nas fharsainge leithid na ceanglaichean eadar ceòl, film agus geamadh.  

 

Bidh prògram de thachartasan poblach a’ toirt taic don taisbeanadh, a’ toirt a-steach Museum Late, àm ciùin dhaibhsan aig a bheil feumalachdan mothachaidh agus gnìomhan do chlann gus an ath ghinealach de luchd-cruthachaidh geamannan bhidio a bhrosnachadh. 

 

 

Tha tiogaidean airson Game On rim faighinn aig nms.ac.uk/GameOn 

 

Notes to editors

  1. Fiosrachadh mu thiogaidean 

 

Tha tiogaidean airson Game On rim faighinn aig nms.ac.uk/GameOn 

 

 

An-asgaidh do bhuill Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. 

 

Glèidh tiogaid *thràth gus airgead a shàbhaladh, prìs a-steach: Inbheach £12-£15, Thar 65 £11-£14, Oileanach, Young Scot, Ciorramach, Gun Obair** £9-£12, Pàiste 5-15† £8-£11, Aois fo 5 an-asgaidh. 

 

10% dheth ma ghlèidheas sibh tiogaidean mar theaghlach‡ 

 

Lasachadh prìs do bhuidhnean de 10 no barrachd.  
 

*Tha prìsean tiogaidean tràtha rim faighinn suas gu 23:59:59 an latha roimhe. 

**Feum air ID dligheach. Luchd-cùraim dhaoine ciorramach an-asgaidh. 

†Feumaidh inbheach a bhith an cois cloinne fo aois 16.  
 

‡10% dheth nuair a cheannaicheas tu suas ri trì tiogaidean Cloinne 5–15 le dhà sam bith de thiogaidean Inbheach, Thar 65, Oileanach, Young Scot, Ciorramach, Gun Obair, suas gu còig tiogaidean uile gu lèir. Chan urrainnear an cleachdadh còmhla ri tiogaidean buill Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, no lasachadh prìs sam bith eile. 

2. Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba 

 

Is e Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba aon de na prìomh thaighean-tasgaidh san Rìoghachd Aonaichte agus an Roinn Eòrpa agus bidh iad a' glèidheadh chruinneachaidhean a tha cudromach aig ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta. Bidh a' bhuidheann a' tabhann iasadan, com-pàirteachasan, rannsachadh agus trèanadh ann an Alba agus thall thairis. Is iad na taighean-tasgaidh fa leth againn, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Itealaich, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Beatha Dhùthchail, agus Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Cogadh. Bidh Ionad-cruinneachaidh nan Taighean-tasgaidh Nàiseanta a' cumail goireasan glèidhidh agus rannsachaidh cho math ri cruinneachaidhean nach eil gan taisbeanadh aig an àm sin. 

 

Twitter: @NtlMuseumsScot  

Facebook: www.facebook.com/NationalMuseumsScotland 

Instagram: @NationalMuseumsScotland 

 

3. Bheir Oifis nam Meadhanan eadar-theangachadh Gàidhlig den bhrath-naidheachd seachad do bhuidhinn mheadhanan bharantaichte. Cuiribh fios do dh'Oifis nam Meadhanan airson bruidhinn air cinn-latha freagarrach.