2. Curator Dr Meredith Greiling puts the finishing touches to Cold War Scotland, a new exhibition opening at the National Museum of (

Rùintean-dìomhair niuclasach na h-Alba gan innse ann an taisbeanadh ùr

Cold War Scotland/ Cogadh Fuar na h-Alba

13 Iuchar 2024 gu 4 Faoilleach 2026

Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Sràid Chambers, Dùn Èideann

Prìs a-steach: An-asgaidh

nms.ac.uk/ColdWarScotland

Gheibhear taghadh de dhealbhan naidheachd an seo.

 

Tha taisbeanadh ùr aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a’ sgrùdadh suidheachadh deatamach na h-Alba air loidhne-aghaidh a’ Chogaidh Fhuair. Tha Cold War Scotland (13 Iuchar 2024 - 4 Faoilleach 2026), a’ nochdadh dhusanan de nithean air an taisbeanadh airson a’ chiad uair, leithid fiosrachadh trèanaidh dìomhair agus mapa de mheadhan na h-Alba air a chomharrachadh gus targaidean a bha fo chunnart ionnsaigh niùclasaich a shealltainn.

 

Bha cruinn-eòlas agus cumadh-tìre sònraichte na h-Alba air leth feumail airson ullachadh agus rannsachadh armachd NATO rè a’ Chogaidh Fhuair, ùine de 40 bliadhna nuair a bha cumhachdan niùclasach nan Stàitean Aonaichte agus an Aonaidh Sobhietaich a' bagairt air a chèile às dèidh deireadh an Dàrna Cogaidh. A’ fosgladh Disathairne seo tighinn, 13 Ògmhios, bidh an taisbeanadh ag innse sgeulachdan nan Albannach aig cridhe na còmhstri chruinneil seo.

 

Airson a’ chiad uair chì luchd-tadhail mapa Suirbhidh Òrdanais na h-Alba air a pheantadh le làimh gus sealltainn àiteachan a bhathas an dùil a dh’fhuilingeadh buaidh bho ionnsaigh niuclasaich, gu sònraichte bailtean-mòra, ionadan armachd agus docaichean. Air a chruthachadh anns na 1980an, tha na dathan air a’ mhapa a' comharrachadh an àite spreadhaidh niùclasach agus meud na buaidh thairis air meadhan na h-Alba agus nas fhaide air falbh. Thug cumhachd niùclasach obraichean agus airgead gu cuid de na sgìrean as iomallaiche san dùthaich, ach mar a dh'èirich frionas cruinneil is ann a thàinig bagairt ionnsaigh no mòr-thubaist niùclasach gu bhith na phàirt de bheatha làitheil. Tha Cold War Scotland a’ sgrùdadh dìleab faicsinneach agus neo-fhaicsinneach a’ chogaidh ann an Alba.

 

Tha buaidh a’ chogaidh fhathast ri fhaireachdainn ann am poilitigs, cultar agus cuimhne na h-Alba. Bha pàirt ghnìomhach aig Albannaich anns a’ chòmhstri chruinneil mar shaighdearan, mar eisimpleir, sna seirbheisean fiosrachaidh, agus mar phàirt de dhìon catharra saor-thoileach. Tha an taisbeanadh cuideachd a’ tarraing air eachdraidh bheairteach gearan is iomairt muinntir na h-Alba aig àm a’ Chogaidh Fhuair. Am measg nan cunntasan pearsanta tha màthair òg ag innse mar a sgeadaich i pram na h-ìghne aice le bràistean na h-Iomairt airson Dì-armachadh Niùclasach (CND). Chaidh gliogaran a thoirt dhaibh a rinneadh à seann bhotal stuth nigheadaireachd air a sgeadachadh le suaicheantas CND anns na Caismeachdan Sìth tràth anns na 1980an agus tha sin ri fhaicinn cuideachd.

 

Tha an taisbeanadh cuideachd a' nochdadh na tha air fhàgail den Chogadh Fhuar an-diugh; na tobhtaichean, na seann bhuncairean agus stèiseanan cumhachd niuclasach air an dì-choimiseanadh fhathast rim faicinn air feadh cruth-tìre na h-Alba. Thàinig am bun-structar seo gu bhith na phàirt de bheatha choimhearsnachdan ionadail, gu sònraichte an stèisean èisteachd is sgrùdaidh fo smachd nan Stàitean Aonaichte aig RAF Edzell ann an Aonghas, a tha a-nis air a chomharrachadh le a bhreacan sònraichte fhèin.

 

Thuirt Meredith Greiling, Prìomh Neach-glèidhidh Teicneòlais aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba:

“Bho bhàtaichean-aigeil niuclasach gu caismeachdan sìthe beòthail agus stèiseanan faire a’ cumail sùil a-mach airson ionnsaigh sgriosail, bha an Cogadh Fuar freumhaichte anns gach taobh de bheatha na h-Alba airson deicheadan. Mar as tric bithear a’ smaoineachadh air a’ chòmhstri seo aig ìre na cruinne, ach bheir an taisbeanadh inntinneach seo sealladh Albannach air an àm, a’ leigeil le Albannaich bho gach eachdraidh na sgeulachdan iongantach aca innse airson a’ chiad uair.”



Am measg prìomh nithean eile san taisbeanadh tha obair-ealain bhon Taisbeanadh Cumhachd Gnìomhachais ann an Glaschu ann an 1951 agus dèideag de stèisean cumhachd niuclasach, air a ruith le smùid agus a bhios a’ fàs teth nuair a tha e ag obair. Tha an dà eisimpleir seo a’ nochdadh an spiorad dòchais is adhartais co-cheangailte ri lùth atamach ann am Breatainn às dèidh a’ chogaidh. An coimeas ri sin, tha cunntair Geiger a chleachd tuathanaich ann an Siorrachd Àir an Ear gus rèididheachd ann an caoraich a sgrùdadh às dèidh mòr-thubaist Chernobyl, a’ sealltainn buaidh mhaireannach ach neo-fhaicsinneach a’ Chogaidh Fhuair air cruth-tìre na h-Alba.

 

Bidh leabhar agus prògram de thachartasan, a’ gabhail a-steach tursan agus òraidean neach-glèidhidh, an lùib an taisbeanaidh. Tha Cold War Scotland na thoradh air Materialising the Cold War, pròiseact rannsachaidh co-obrachail eadar Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba agus Oilthigh Shruighlea, a tha a’ sgrùdadh mar a tha dualchas a’ Chogaidh Fhuair air a riochdachadh agus mar as urrainn do thaighean-tasgaidh ullachadh gus an sgeulachd seo innse san àm ri teachd. Tha Materialising the Cold War air a mhaoineachadh le prìomh thabhartas bho Chomhairle Rannsachaidh nan Ealain is nan Daonnachdan.

 

Edinburgh Art Festival logo-2

Tha Cold War Scotland mar phàirt de dh’Fhèis Ealain Dhùn Èideann, a’ gabhail àite eadar 9-25 Lùnastal 2024.

edinburghartfestival.com

@edartfest 
#EdArtFest

Notes to editors

  1. Is e Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba aon de na prìomh thaighean-tasgaidh san Rìoghachd Aonaichte agus an Roinn Eòrpa agus bidh iad a' glèidheadh chruinneachaidhean a tha cudromach aig ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta. Bidh a' bhuidheann a' tabhann iasadan, com-pàirteachasan, rannsachadh agus trèanadh ann an Alba agus thall thairis. Is iad na taighean-tasgaidh fa leth againn, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Itealaich, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Beatha Dhùthchail, agus Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Cogadh. Bidh Ionad-cruinneachaidh nan Taighean-tasgaidh Nàiseanta a' cumail goireasan glèidhidh agus rannsachaidh cho math ri cruinneachaidhean nach eil gan taisbeanadh aig an àm sin.

Twitter: @NtlMuseumsScot 

Facebook: www.facebook.com/NationalMuseumsScotland 

Instagram: @NationalMuseumsScotland 

  1. Bheir Oifis nam Meadhanan eadar-theangachadh Gàidhlig den bhrath-naidheachd seachad do bhuidhinn mheadhanan bharantaichte. Cuiribh fios do dh'Oifis nam Meadhanan airson bruidhinn air cinn-latha freagarrach.