Grand Gallery at the National Museum of Scotland. © National Museums Scotland 01

Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba A' Sireadh Bheachdan air a Phlana Gàidhlig

Tha Taighean Tasgaidh Nàiseanta Alba air co-chomhairleachadh fhoillseachadh a chuireas ri a threas Plana Gàidhlig. 

Tha Taighean Tasgaidh Nàiseanta Alba air co-chomhairleachadh fhoillseachadh a chuireas ri a threas Plana Gàidhlig. 

Bu mhath le Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba beachdan fhaighinn aig daoine fa leth no buidhnean aig a bheil ùidh ann ro 5f Didòmhnaich 17 Iuchar. 

Bidh am plana ùr ga chur an sàs eadar 2022 is 2027 agus thèid a dhealbhadh a rèir Achd na Gàidhlig 2005. 

'S e adhbhar a' phlana gun tèid dealas Thaighean-tasgaidh Alba dha miann is amasan Phlana Nàiseanta na Gàidhlig a chur an cèill a rèir lèirsinn nas fharsainge na buidhne is sinn a’ cur farsaingeachd ar cuid chruinneachaidhean ioma-cuspaireil gu feum airson com-pàirteachadh cho math is as urrainn leis a h-uile neach-amais againn. 

Mairidh an co-chomhairleachadh sia seachdainean gu Didòmhnaich 17 Iuchar. 

 

Do Bheachdan-sa 

Chithear ciamar a chuireas tu do bheachdan thugainn aig Gaelic Language Plan / Plana Gàidhlig | National Museums Scotland (nms.ac.uk)

Feumar freagairtean sgrìobhte a chur gu gaelicplan@nms.ac.uk ro 5f Didòmhnaich 17 Iuchar. 

Crìoch 

Tha an tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn aig Bruce Blacklaw, Oifis nam Meadhanan, Fòn 0131 247 4165 no post-d b.blacklaw@nms.ac.uk   

Làrach-lìn www.nms.ac.uk