Dr Alice Blackwell with the gravoir. Copyright Duncan McGlynn (2) cropped

Tha fianais air mar a bhathas a’ stoidhleadh falt sna meadhan-aoisean aig caisteal suaicheanta Eilean Donnain air nochdadh ann an cruinneachadh beairteach arc-eòlais a fhuaras airson na nàisein.

Chaidh inneal tearc bhon 13mh linn, a bhathas a’ cleachdadh airson falt a stoidhleadh, fhaighinn le Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba às dèidh dha a bhith air a lorg rè cladhach arc-eòlais aig aon de na caistealan as ainmeile san dùthaich.

Chaidh an ‘gravoir’ a lorg rè prògram cladhaich fo stiùir rannsachaidh aig Caisteal Eilean Donnain sa Ghàidhealtachd. Tha an caisteal mar aon de na prìomh àiteachan do luchd-turais ann an Alba, agus na ìomhaigh shuaicheanta de dh’Alba air feadh an t-saoghail, ach is e glè bheag fiosrachaidh a bh’ againn mu a àm a ghlòire sna meadhan-aoisean gus an deach an obair cladhaich seo a dhèanamh le FAS Heritage. Suidhichte air an t-slighe don Eilean Sgitheanach, tha e air nochdadh ann am filmichean leithid Highlander agus The World is not Enough.

Air a bhrosnachadh le fasanan san Fhraing, bhiodh an gravoir air a chleachdadh gus falt a sgoltadh gu grinn agus stoidhlichean eireachdail a chruthachadh. Air a shnaigheadh bho chabar-fèidh ionadail ann an cruth neach a’ caitheamh cochall le leabhar na làimh, seo aon de dìreach trì eisimpleirean bhon Rìoghachd Aonaichte, agus a’ chiad fhear a lorgadh ann an Alba.  Mar as trice bidh gravoir air a dhèanamh de dh’ìbhridh, ach tha am fear seo na eisimpleir neo-àbhaisteach de rud ann an stoidhle tìr-mòr na h-Eòrpa ach air a dhèanamh ann an stuthan ionadail Gàidhealach.

’S e an gravoir aon de na nithean as suaicheanta bho chruinneachadh de stuth arc-eòlais à Eilean Donnain a fhuair Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.  Tha nithean ann bhon 13mh agus 14mh linn co-cheangailte ri cuirmean, ceòl, sealg, geamannan agus seòladh ag innse mu bheatha sna meadhan-aoisean anns an àite chumhachdach seo ann an cultar na Gàidhealtachd, a bha air a thogail ann an suidheachadh ro-innleachdail far a bheil trì lochan-mara mòra a’ coinneachadh.

Chaidh nithean leithid bhràistean agus prìnichean èididh a lorg còmhla ri cnàmhan bheathaichean agus soithichean-leaghaidh – cupannan beaga crèadha a bhiodh iad a’ cleachdadh airson co-mheatailt copair, airgead agus òr a leaghadh.  Bho na bloighean de mheatailtean luachmhor a lorgadh annta is coltaiche gun robh seudaireachd agus nithean èididh pearsanta gan dèanamh aig a’ chaisteal.

Tha iad seo nam pàirt de dh’aon de na cruinneachaidhean as cudromaiche de dh’obair-mheatailt mheadhan-aoiseil san Rìoghachd Aonaichte, a’ sealltainn mar a chaidh a h-uile càil bho bhucaill gu claidheamhan a dhèanamh air an làraich. A’ lìonadh mu 80 bogsa aig Ionad-cruinneachaidh nan Taighean-tasgaidh Nàiseanta ann an Granton, bidh an cruinneachadh a-nis na ghoireas beairteach do luchd-rannsachaidh.

Seallaidh e cuideachd dhuinn mar a bha muinntir a’ chaisteil a’ caitheamh an ùine shaoire.  Tha pìosan-gèama ann air an dèanamh de chnàimh sgeadaichte agus crèadhadaireachd ath-chuairtichte, tromb iarainn – inneal-ciùil a tha ga chur sa bheul agus ga spìonadh airson fuaim shònraichte a dhèanamh.  Bhiodh cnàmhan bheathaichean le tuill air an drileadh annta gan sreangadh air iall leathair, gan ridhleadh mun cuairt agus gan leigeil às airson srann a dhèanamh.  Canar ‘cnàmhan srannain' riutha, agus is dòcha gur e dèideagan cloinne a bh’ annta.

Thuirt an t-Oll Alice Blackwell, Àrd-neach-glèidhidh Àrc-eòlas is Eachdraidh nam Meadhan-aoisean aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba:

“Tha an gravoir iongantach seo a’ sealltainn dhuinn mar a bha uaislean Eilean Donnain a’ gabhail pàirt ann am fasanan tìr-mòr na h-Eòrpa.  Ach, tha an cruinneachadh cuideachd a’ nochdadh dealbh nas fharsainge de bheatha anns an 13mh agus 14mh linn. Leigidh e leinn smaoineachadh air mar a bha an làn raon sòisealta de dhaoine taobh a-staigh ballachan a’ chaisteil a’ cur seachad an làithean, ge bith an robh iad a’ stoidhleadh am fuilt, ag obair ann an ceàrdaich no a’ dèanamh dhèideagan sìmplidh do chlann.  ’S e sealladh air leth a th’ ann air beatha ann an Alba nam meadhan-aoisean nach fhaigh sinn tric.”

Às dèidh àm a ghlòire mar ionad tighearnas Gàidhealach meadhan-aoiseil anns an 13mh chun an 15mh linn, chrìon cudromachd Eilean Donnain. Ro 1650, tha e coltach nach robhas ga chumail an-àirde ceart agus ro 1714 chaidh a chlàradh gu robh e gun mhullach agus air a thrèigsinn. Ann an 1719, chaidh a chleachdadh le feachdan nan Seumasach mar stòr solarachaidh, agus mar thoradh air sin, thug longan-cogaidh Breatannach droch ionnsaigh air. Mu dheireadh, chaidh a ghabhail thairis le saighdearan Breatannach agus a chur na smàl gus nach b’ urrainn luchd-taice nan Seumasach a chleachdadh a-rithist. Tràth san 20mh linn, thòisich iomairt ath-thogail àrd-amasach aig Eilean Donnain a dh’atharraich e chun riochd a th’ againn an-diugh.

Thuirt Miranda van Lynden, Àrd-urrasair aig Urras Carthannais Conchra, leis a bheil Caisteal Eilean Donnain:

“Tha Eilean Donnain na phrìomh eisimpleir de chaisteil Albannach agus tha ìomhaigh aithnichte air feadh an t-saoghail. Ach, is iongantach cho beag fios ’s a bh’ againn mu bheatha sa chaisteal aig àirde a chumhachd agus a bhuaidh anns an 13mh agus an 14mh linn. Choimisean sinn an cladhach gus cuid de na sgeulachdan seo fhoillseachadh. Tha sinn toilichte gun tèid barrachd rannsachaidh a dhèanamh air a’ chruinneachadh seo a-nis, agus tha sinn an dòchas gun toir e eachdraidh bheairteach Eilean Donnain do dhaoine ùra.”

Notes to editors

National Museums Scotland is one of the leading museum groups in the UK and Europe and it looks after collections of national and international importance. The organisation provides loans, partnerships, research and training in Scotland and internationally. Our individual museums are the National Museum of Scotland, the National Museum of Flight, the National Museum of Rural Life and the National War Museum. The National Museums Collection Centre in Edinburgh houses conservation and research facilities as well as collections not currently on display. 

 

Facebook: www.facebook.com/NationalMuseumsScotland 

Instagram: @NationalMuseumsScotland 

 

Bheireadh Oifis nam Meadhanan eadar-theangachadh Gàidhlig den bhrath-naidheachd seachad do bhuidhinn mheadhanan bharantaichte. Cuiribh fios do dh'Oifis nam Meadhanan airson bruidhinn air cinn-latha freagarrach.