
Sgeulachdan Gàidhlig air am foillseachadh mu nithean ann an cruinneachadh an Taigh-tasgaidh Nàiseanta
Tha am feadan pìoba-mhòir as sine ann an Alba, spàin adharcach a chruinnich bean-uasal às an Ostair agus clach-sheuna criostail-creige àlainn às na meadhan-aoisean am measg nan sgeulachdan Gàidhlig air cùl 15 nithean ann an cruinneachaidhean Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a chaidh fhoillseachadh ann an goireas ùr dà-chànanach air-loidhne.
Tha dealbhan bhon phròiseact ri lorg an seo
Tha na sgeulachdan nan toradh de phròiseact rannsachaidh, Tha sgeul ri innse, san do rinneadh ath-sgrùdadh agus leasachadh air clàran nithean gus am biodh na ceanglaichean a th’ aca ris na daoine, na h-àiteachan agus an cànan às an tàinig iad nas follaisiche. Rinneadh seo tro bheachdan a chruinneachadh bho choimhearsnachdan Gàidhlig, ann am pàirt aig bùthan-obrach coimhearsnachd ann an Leòdhas agus san Eilean Sgitheanach tràth am-bliadhna, cho math ri mion-sgrùdadh air na nithean fhèin agus na clàran eachdraidheil co-cheangailte riutha.
Tha am pròiseact, a tha gu h-iomlan air còrr is 100 clàr a leasachadh de nithean sna cruinneachaidhean, air a stiùireadh le Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an co-obrachadh le Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig. Am measg nan compàirtichean coimhearsnachd tha Comunn Eachdraidh Nis agus Urras Oighreachd Ghabhsainn.
Tha na 15 nithean a tha air an comharrachadh sa ghoireas ùr a’ dol bho na meadhan aoisean gus an latha againn fhìn agus tha iad a’ gabhail a-steach;
- Feadan pìoba-mhòir Ghàidhealaich air a dhèanamh le lignum vitae a bhuineadh do dh’Iain Dall MacAoidh, Am Pìobaire Dall, c. 1656 - c. 1754. Is dòcha nach eil inneal-ciùil ‘Gàidhlig' nas suaicheanta na a’ phìob-mhòr. ’S e am feadan seo am fear as sine a tha fhathast againn. B’ ann le Iain MacAoidh, no Am Pìobaire Dall, a bha beò bho mu 1656 gu mu 1754, a bha e. Faodar Iain a mheas mar bhall de na h-aois-dàna, buidheann de shàr luchd-ealain ionnsaichte air an robh meas mòr ann an comann-sòisealta na Gàidhealtachd. Bha iad ag obair aig an ìre a b’ àirde de sgilean agus comas. Tha a’ phìobaireachd aige ainmeil airson cho toinnte agus àlainn ’s a tha i.
- Spàin adharcach à Dùn Bheagan san Eilean Sgitheanach. Chaidh a cruinneachadh le Johanna, no Hanna, von Ettingshausen, bean-uasal Ostaireach a phòs a-steach do dh’uaisleachd na Gàidhealtachd mar dhàrna bean Thormoid MhicLeòid, Ceannard Chlann MhicLeòid Dhùn Bheagain. Nuair a bha i san Eilean Sgitheanach, phàigh i airson grunn obraichean arc-eòlais agus stiùir i iad gu pearsanta.
- Leug MhicIllEathain, clach-sheuna criostail-creige air a suidheachadh gu grinn ann an airgead. Is i aon de bheagan chlachan-seuna meadhan-aoiseil a tha air an ainm Gàidhlig a ghleidheadh. B’ ann le Clann MhicIllEathain à Muile a bha a’ chlach seo an toiseach agus tha e coltach gun robh i bho thùs na pàirt de nì meadhan-aoiseil eadar-dhealaichte: is dòcha taisealan (reliquary).
- Bìoball a thathar ag ràdh a bha aig saighdear aig Blàr Chùil Lodair. Chaidh an deasachadh seo a chruthachadh ann an 1690 leis an Urramach Raibeart Kirk à Siorrachd Pheairt. B’ e seo aon de na ciad deasachaidhean den Bhìoball a chaidh a chlò-bhualadh ann an Gàidhlig.
Am measg nan nithean eile a chaidh a sgrùdadh tha botal glainne co-cheangailte ri dol fodha an Iolaire, leabhar fòn à Nis anns a bheil far-ainmean gus daoine leis na h-aon ainmean aithneachadh bho chèile agus gairm Ghàidhlig ann an cèis bho 1888 a’ toirt rabhadh do luchd-iomairt a bha a’ feuchainn ri fearann croite fhaighinn air ais aig tuathanas Aiginis ann an Leòdhas. Gheibhear liosta shlàn de na nithean agus na sgeulachdan aca an seo: Tha Sgeul Ri Innse.
Thuirt am Prìomh Rannsaiche Anna NicGuaire:
“Bha e na thoileachas a bhith ag obair air a’ phròiseact seo, a’ sgrùdadh nithean anabarrach inntinneach agus gan ceangal a-rithist ri smuaintean is cainnte muinntir na Gàidhlig a chuidicheas sinn gus an tuigsinn nas fheàrr. Bha an obair a rinn sinn le muinntir an Eilein Sgitheanaich agus Leòdhais aig cridhe a’ phròiseis, agus thug na chuir iadsan ris a’ chùis buaidh air mar a bhios sinn a’ riochdachadh ar cultair de stuthan Gàidhealach, an dà chuid bhon àm a dh’fhalbh agus bhon latha an-diugh.”
Thuirt an t-Oll Sarah Laurenson:
“Tha e cudromach dhuinne aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a bhith a’ riochdachadh fìor bhrìgh, eachdraidh agus ceanglaichean cultarail nan nithean nar cùram gu pongail agus gu follaiseach. Tha e math gu bheil sinn a’ dèanamh seo le nithean a tha ceangailte ri cultar, eachdraidh agus traidisean na Gàidhlig agus tha mi air leth toilichte gur e a’ bhuil rudeigin dhan phoball a chuidicheas le bhith a’ togail mothachadh air na sgeulachdan air cùl nan ceanglaichean sin.”
Thuirt an t-Àrd-ollamh Ùisdean Cheape bho Shabhal Mòr Ostaig
“Tha am pailteas stuthan bhon Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan anns na cruinneachaidhean nàiseanta air cuideachadh le bhith a’ mìneachadh ar ‘n-ionmhasan nàiseanta’ ach bha iad balbh a thaobh nan sgeulachdan a b’ urrainn dhaibh innse. Tha am pròiseact ‘sgeul ri innse’ air cothrom luachmhor a thabhann gus guthan ath-dhùsgadh agus sealltainn mar as urrainn conaltradh agus mìneachadh a neartachadh le faclan agus cànan. Airson an luach a bharrachd a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris an obair, chan eil ann an seo ach toiseach tòiseachaidh!”
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:
“Tha am pròiseact seo cudromach aig ìre nàiseanta, a’ dèanamh cinnteach gu bheil tuigse agus aithne cheart ann air ar n-eachdraidh agus ar dualchas co-roinnte. Tha mi a’ cur meal-a-naidheachd air a h-uile duine a tha an sàs ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn comasach air sgeulachdan nan nithean seo innse agus dèanamh cinnteach gum bi e comasach dha daoine tlachd fhaighinn àsda airson ginealaichean ri teachd.”