Curator Dr Sarah Laurenson with objects from the collection of National Museums Scotland to be studied as part of new Gaelic language project, Tha Sgeul Ri Innse [credit Duncan McGlynn]-9

Pròiseact rannsachaidh ùr gus na sgeulachdan Gàidhlig air cùl stuthan taigh-tasgaidh a shealltainn

 Tha adhaircean pùdair bhon 17mh chun 19mh linn, soidhne-rathaid às an Eilean Sgitheanach agus crogan crèadha am measg 100 rud a thèid ath-mheasadh ann am pròiseact ùr a tha ag amas air na sgeulachdan agus na ceanglaichean Gàidhlig air cùl stuth a tha sa Chruinneachadh Nàiseanta fhoillseachadh.

Tha am pròiseact, Tha sgeul ri innse: there’s a story for the telling, ga chur air bhog ann an Seachdain na Gàidhlig fo stiùir Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an co-obrachadh le Sabhal Mòr Ostaig, le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig. 

 

Comharraichidh am pròiseact 100 rud bho chruinneachadh an Taigh-tasgaidh le tùs a tha gan ceangal ri eachdraidh is cultar na Gàidhlig leis an amas an toiseach na clàran aca ùrachadh agus a leasachadh gus na ceanglaichean Gàidhlig sin a nochdadh. Bhon cheud nì sin, thèid 15 a thaghadh airson susbaint dhidseatach a thèid fhoillseachadh sa Bheurla is sa Ghàidhlig. 

 

Thuirt an Dr Sarah Laurenson, Prìomh Neach-gleidhidh, Eachdraidh an latha an-diugh: 

Tha na cruinneachaidhean Albannach aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a’ riochdachadh dualchas stuthach na Gàidhealtachd gu làidir, agus is ann às na cruinneachaidhean sin a thàinig mòran de na rudan a tha a-nis gam meas nan ‘ionmhas nàiseanta’. Ach cha robh an dòigh anns an deach mòran dhiubh a chlàradh nuair a thàinig iad a-steach don chruinneachadh againn a’ nochdadh an ceangail no an cudromachd do chultar, eachdraidh is traidisean na Gàidhlig ro mhath, ma bha idir.  

Bha seo gu ìre airson gu robh sgoilearachd na Gàidhlig gu h-eachdraidheil ag amas barrachd air litreachas agus beul-aithris na air cultar stuthach, ach cuideachd airson gu robh cùisean Gàidhlig san fharsaingeachd gam putadh a-mach chun an iomaill san àm a thàinig mòran den stuth seo a-steach don chruinneachadh. Tha mi a’ coimhead air adhart ris an iomadh sgeulachd inntinneach ùr a leigeas am pròiseact seo leinn ionnsachadh agus innse mu stuth sa chruinneachadh againn.” 

Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba air an neach-rannsachaidh, Anna NicGuaire, fhastadh airson ath-bhreithneachadh a dhèanamh air prìomh stuthan bhon Ghàidhealtachd – le cuideam air stuth bhon ochdamh linn deug air adhart, cho math ri cruinneachaidhean bho dheireadh nam meadhan aoisean.  

Thuirt Anna: 

“Tha mi air leth toilichte a bhith an sàs san obair seo, ag obair gu dlùth leis na stuthan anns na Cruinneachaidhean Nàiseanta agus còmhla ri buill eile de choimhearsnachd na Gàidhlig gus na pàirtean deatamach de sgeulachdan nan nithean seo a riochdachadh.”  

B' e an crogan an obair-chrèadha àbhaisteach a rinneadh le làimh ann an Innse Gall iomadh linn, airson a chleachdadh taobh a-staigh agus taobh a-muigh na dachaigh. B' e soitheach tasgaidh a bh' ann agus tric is e 'craggan' a chanar ris sa Bheurla. Tha an eisimpleir againn à Càrlabhagh, Leòdhas, agus thàinig e dhan Chruinneachadh Nàiseanta ann an 1881. Aig an àm cha deach fiosrachadh sam bith mu cò a rinn e a chruinneachadh – agus cha b' ann gu coinneamh air thuaiream 100 bliadhna às dèidh sin a chaidh an neach-dèanaimh a chomharrachadh. 

Tha soidhnichean-rathaid dà-chànanach a-nis cumanta air feadh mòran de dh’Alba, agus seallaidh iad sa bhad ann an dòigh gu math follaiseach doimhneachd brìgh ainmean-àite Gàidhlig air feadh na dùthcha, ge bith a bheil an cànan fhathast ga bruidhinn gu cumanta no nach eil. Tha an soidhne seo na mhac-samhail de dh'fhear bho chrois-rathaid aig aon de na h-àiteachan turasachd as trainge san Eilean Sgitheanach. ’S e iùl a th' ann don h-uile neach-siubhail, ged a bhiodh iad a' coimhead airson stiùireadh, neo fios air beul-aithris, sgeulachdan agus uirsgeulan bhon dùthaich mun cuairt. 

’S e leabhar-fòn bhon fhicheadamh linn, à Nis ann an Leòdhas, rud eile a tha ga bheachdachadh. Thog seo airgead do Chomann Coimhearsnachd Nis agus tha far-ainmean ann cho math ri ainmean is seòlaidhean foirmeil, gus an gabh daoine aig a bheil an aon ainm aithneachadh bho chèile, agus gus beachd a thoirt dhuinn air sgeulachdan ionadail, eachdraidh agus fealla-dhà na coimhearsnachd. 

Am measg nan nithean eile a chaidh a chomharrachadh airson tuilleadh sgrùdaidh gu ruige seo tha clachan-seuna, dealbhan, feadan, bobhla punch airgid, adhaircean pùdair agus raon de stuthan a chleachdadh san dachaigh. 

Thuirt An t-Ollamh Ùisdean Cheape à Sabhal Mòr Ostaig: 

“Tha sinne ann an Sabhal Mòr Ostaig gu mòr airson a bhith co-cheangailte ris a’ phròiseact, ‘Tha sgeul ri innse’, agus airson taic a chumail ri iomairt an luchd-glèidhidh gus an eachdraidh a chur ceart agus na sgeulachdan fhaighinn air ais. Bha tùs nithean an-còmhnaidh cudromach ann a bhith a’ cruinneachadh airson nan Taighean-tasgaidh Nàiseanta ach dh’fhaodadh mion-phuingean cànain a dhol air seachran! Chan eil àm nas fheàrr ann airson ainmean agus tùsan nithean a rannsachadh leis mar a tha uiread toileachais ga mhealtainn an-dràsta à beairteas cultar Gàidhlig na h-Alba agus spionnadh a’ chànain.”   

A bharrachd air Sabhal Mòr Ostaig, bidh am pròiseact ag obair le com-pàirtichean a’ gabhail a-steach Comunn Eachdraidh Nis agus Urras Oighreachd Ghabhsainn. Thèid eòlas agus cànan na Gàidhlig ath-fhilleadh a-steach do na clàran againn, tro rannsachadh mionaideach agus bùthan-obrach coimhearsnachd a thèid a chumail ann an Leòdhas agus san Eilean Sgitheanach sa Ghiblean agus sa Chèitean. Le seo, cuidichidh am pròiseact gus dèanamh cinnteach gu bheil na Cruinneachaidhean Nàiseanta a’ riochdachadh cultar is coimhearsnachdan na Gàidhlig. 

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig glè thoilichte taic a thoirt don phròiseact chudromach seo. Tha stuthan fiosaigeach, obraichean ealain agus innealan a chaidh a chruthachadh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig agus air an cleachdadh leotha a’ toirt sealladh gun samhail air ar cultar agus ar dualchas. Le bhith a’ comharrachadh nan nithean seo ann an cruinneachaidhean an Taigh-Tasgaidh Nàiseanta, cruthaichidh sin àite inntrigidh cudromach do dhaoine a tha airson barrachd ionnsachadh mu bhuaidhean cultarail na Gàidhlig ann an Alba agus barrachd tuigse fhaighinn air a’ phàirt a tha air a bhith aig a’ Ghàidhlig agus coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Alba gu h-eachdraidheil agus san latha an-diugh.” 

Togaidh am pròiseact ìomhaigh na Gàidhlig ann an co-theacs eachdraidh agus cultar na h-Alba agus bheir e cothrom a’ Ghàidhlig a chleachdadh agus a leasachadh tro bhùthan-obrach co-roinn eòlais sa choimhearsnachd. Bidh an obair cuideachd a’ daingneachadh na Gàidhlig mar phàirt riatanach de dhualchas na h-Alba agus, thathar an dòchas, gum brosnaich e tuigse agus meas nas fharsainge am measg an fheadhainn a bhios a’ tadhal air an ionad turasachd as trainge ann an Alba a bharrachd air an luchd-amais dhidseatach eadar-nàiseanta. 

More images available here

Notes to editors

Tuilleadh fiosrachaidh air Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig: 

Stèidhichte ann an Slèite san Eilean Sgitheanach, Alba, ’s e Sabhal Mòr Ostaig an aon ionad Foghlam Àrd-ìre agus Adhartach air an t-saoghal a tha a' lìbhrigeadh a phrògraman ionnsachaidh gu tur tro mheadhan na Gàidhlig ann an àrainneachd làn bhogaidh. 

Làrach-lìn: www.smo.uhi.ac.uk 

Instagram: @sabhalmorostaig 

Twitter: @sabhalmorostaig 

Facebook: Sabhal Mòr Ostaig